|
Colbh
Gàidhlig
Rud
beag cultair a’ mhìos seo a charaidean. (Tha cuimhne agaibh – an seòrsa
rud a bh’ ann mus do thòisich sgudal ifrinneach mar ‘Big Brother’.) Ma
leugh sibh mo cholbh mu dheireadh bidh fios agaibh gun robh mi ag ràdh
gum bu chòir dhomh bruidhinn air bàrdachd. (Faic mise? Faic cultar?)
Seachdain no dhà as dèidh sin nach faca mi anns a’ cholbh aig Murchadh
MacLeòid san ‘Scotland on Sunday’, gun tug na Gàidheil ceòl soisgeulach
do na daoine dubha? A-rèir rannsachaidh a rinn fear anns na Stàitean
Aonaichte dh’ionnsaich na tràillean an seòrsa seinn aca bhon dòigh a
chuireas sinne a-mach an loighne. Chuir e iongnadh orm. Chan eil
duilgheadas sam bith agam gabhail ris an smuain gun tug sinn seachad
seinn, ach nuair a choimheadas tu air na rudan a chuir iad ris thall
thairis, tha e gu math doirbh ceangal fhaicinn eadar ceòl nan eaglaisean
an-seo agus an-sin. An dealbh de na bodaich is cailleachan ann an Ile a’
leum bho thaobh gu taobh agus iad a’ bas-bualadh ‘s a’ gairm a-mach
‘hallelujah’ – uill cha ghabh i creidsinn! A bhràithrean agus
pheathraichean. Lawdy, lawdy.
Fhathast air seinn, chluich Runrig faisg orm o chionn goirid. Mar sin,
‘s ann air seinn a bhios mi a-mach a’ mhìos seo. Fàgaidh sinn bàrdachd
don darna taobh, ged a bha mi math air bàrdachd a sgrìobhadh. Uill b’ e
bàrdachd a bha mise a’ cantail ris. Bha beachd eile aig Iain Mac a’
Ghobhainn a bha nam thidsear Beurla.
Thug
Runrig orm smaointinn air mar a bha na h-Ilich nuair a bha mise òg, agus
sinn cho math air seinn air a’ bhàta dhachaigh bhon Oban. Mun cuairt air
an àm a bha Runrig tòiseachadh bha sinne trang air òrain
eadar-theangachadh. Ceart gu leòr chuala mi o chionn bliadhna no dhà a-nis
gun robh Runrig smaointinn air eadar-theangachadh a dheanamh air òran
Rolling Stones den ainm ‘Hey! You! Get offa ma cloud!’ B’ e ‘Hey!
MacLeod! Get offa ma ewe!’ a bha iad dol a chur air. Saoil carson nach
deach sin air adhart. . .?
Bha
sinne air thoiseach orra ann an Ile co-dhiù. Bha mi fhèin agus Niall
Iain fiadhaich math air an òran Rod Stewart ‘I am sailing’. Feuchaibh e
– thèid e gu Gàidhlig cho math ‘s a ghabhas. ‘Tha mi seòladh, tha mi
seòladh, dhachaigh a-rithist, thar a’ chuain, tha mi seòladh, dol
seachad air neòil àrd’, a bhith faisg ort, a bhith dlùth.’ Math, eh?
Thàinig e rud beag as a chèile as dèidh sin ceart gu leòr. Cha robh e
idir soirbh a bhith a-mach air an deic, bàta dol sìos is suas, gaoth a’
sèideadh agus a’ gabhail ‘An urrainn dhut gam chluinntinn’ taobh a-staigh
an fhuinn. Bhitheadh luchd-turais a’ coiseachd seachad gan suathadh
fhèin agus ag ràdh ‘An e sin an t-uisge air?’ Taing do Dhia gun robh m’
fhiaclan fhèin agam aig an àm, no bhitheadh na daoine bochda a’
smaointinn gun robh inneal-spreadhaidh a’ dol dheth.
Chuir
sinn rudan an rathad eile cuideachd. Cò dhiochuimhnicheas gu bràth a’
Bheurla a chuir balach as a’ bhaile agam air an òran bhrèagha ‘Are you
on the pill Màiri Bhàn’?
Ma
bhios duine agaibh airson innse do Runrig gu bheil iomadh òran eile agam
a dh’fhaodas iad a chleachdadh, siuthadaibh! Dheanainn fhèin e, ach chan
fhòn Ruairidh Dòmhnallach air ais thugam. Ok, cha toir e dhomh an
àireamh fòn aige. Ok, chan eil e eòlach orm idir. Ach carson a mhillinn
sgeulachd mhath leis an fhìrinn?
Mus
tèid mi their mi gun robh Runrig fìor mhath mar as àbhaist. Bidh mi air
ais an ath mhìos mura faigh Ruairidh Dòmhnallach interdict. |